51³Ô¹ÏÃâ·ÑApp

Muinntir Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ cuimhneachadh

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ dol a dh’fhoillseachadh leabhran le fiosrachadh air taghadh farsaing de na tachartasan a chaidh a chumail san sgìre gus comharrachadh mar a bha ceud bliadhna annbhon Chogadh Mhòr, agus tha e cuideachd a’ toirt aithne don dealas is dìcheall a nochd coimhearsnachdan ionadail ann a bhith a’ comharrachadh ceann-bliadhna a’ chogaidh.

 

Aig coinneamh den làn Chomhairle an-diugh, rinn na Buill moladh air a h-uile duine a chuidich le bhith a’ cumail sreath de thachartasan cuimhneachaidh air feadh Earra-Ghàidheal is Bhòid, gus dèanamh cinnteach gun deach ceann nan ceud bliadhna a chomharrachadh ann an dòigh shuimeil is urramach.

 

Thar nan ceithir bliadhna a dh’fhalbh, tha a’ Chomhairle agus a’ Bhuidheann Stiùiridh gus An Cogadh Mòr a Chomharrachadh air obrachadh gu cruaidh gus daoine de gach aois a bhrosnachadh gu bhith a’ cuimhneachadh air a’ chogadh, agus thug iad taic do dhiofar choimhearsnachdan, buidhnean agus daoine fa leth gus prògram farsaing de thachartasan cuimhneachaidh a chur air dòigh.

 

Rinn a’ Bhuidheann Stiùiridh cinnteach gun robh tachartasan mòra ann gach bliadhna eadar 2014-18, agus gun robh iad gan cumail air feadh sgìre na Comhairle. B’ e a’ chiad tachartas mòr, caismeachd agus seirbheis druma a chaidh a chumail san Ã’ban ann an 2014. An uair sin chaidh seirbheis ‘Beating the Retreat’ a chumail ann an Ceann Loch Chille Chiarain ann an 2015; chaidh cuimhneachadh air Blàr-mara Jutland ann am Baile Eilidh ann an 2016; chaidh an taisbeanadh fad-seachdain, ‘A Call to Arms’, a chumail le Live 51³Ô¹ÏÃâ·ÑApp ann an Dùn Omhain ann an 2017; agus chaidh cuimhneachadh air an SS Tuscania agus an HMS Otranto ann an ÃŒle ann an 2018.

 

Bha an tachartas ann an Ìle air aon de na prìomh thachartasan cuimhneachaidh nàiseanta agus chaidh a chur air dòigh le co-obrachadh le daoine bho air feadh an t-saoghail, agus bha a Mòrachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail an làthair.

 

Chaidh grunn mòr thachartasan is taisbeanaidhean eile a chur air dòigh le buidhnean ionadail, agus bha sgoilearan Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ cur phròiseactan air dòigh iad fhèin.

 

Thuirt am Pròbhaist, Len Scoullar: “Rinn na buill den Bhuidhinn Stiùiridh gus An Cogadh Mòr a Chomharrachadh an t-uabhas obrach, rinn agus muinntir Earra-Ghàidheal is Bhòid, agus iad a’ cuimhneachadh air na daoine a chaill am beatha, o chionn ceud bliadhna, sa Chogadh Mhòr.

 

“Leis an leabhran seo, chan eilear ag amas air sgeulachd Earra-Ghàidheal is Bhòid sa chogadh innse, ach thathar airson beachd a thoirt do dhaoine air an uiread rannsachaidh is obair chruaidh a rinn ar coimhearsnachdan agus an dealas is dìcheall a nochd iad. Tha e a’ toirt aithne agus a’ nochdadh sùim do na daoine à Earra-Ghàidheal is Bòd a chuir seachad ùine agus a dh’obraich gus ìobairt is cruadal an sinnsirean a chomharrachadh agus gus dìleab fhàgail don ath ghinealach.â€

 

To read this press release in English, visit: /news/2018/nov/argyll-and-bute-remembers

Did you find what you were looking for?

Why wasn't this information helpful

Limit to 250 characters.