51³Ô¹ÏÃâ·ÑApp

A’ Mhaoin Thachartasan is Fhèisean a’ sireadh iarrtasan airson 2020-21

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ sireadh iarrtasan airson a Maoin Thachartasan is Fhèisean airson 2020-21.

Dh’aontaich comhairlichean air a’ Chomataidh Poileasaidh is Ghoireasan an-diugh (Diardaoin 15 Lùnastal) ris na sònrachaidhean airson a’ Mhaoin Thachartasan is Fhèisean luach £90,000 a bhuileachadh, agus bithear a’ sireadh iarrtasan eadar Diluain 26 Lùnastal agus meadhan-latha Diluain 7 Dàmhair.

Chaidh am pròiseas a dhèanamh nas fhasa don luchd-iarrtais agus aon mhaoin a-mhàin ann agus an t-suim as àirde a gheibhear stèidhichte aig £5,000.

Bidh cothrom ann do thachartasan ùra is leantainneach suim luach £15,000 a shireadh nuair a tha e soilleir gu bheil cothrom ann luchd-tadhail ùr a tharraing a dh’Earra-Ghàidheal is Bòid. Bidh crìoch nas àirde de £30,000 ann do thachartasan sònraichte nuair as urrainn do thagraichean taisbeanadh gun tèid aig an tachartas còrr is 10,000 luchd-tadhail a thàladh agus còrr is £1 millean a chur ri eaconamaidh na sgìre.

Cha bu chòir gum bi iarrtas nas àirde na 20% de chosgais iomlan an tachartais.

Tha e fa-near don Chomhairle a’ bhuannachd eaconamach as motha a tha comasach fhaighinn às a’ bheagan maoineachaidh a tha ri fhaotainn. Mar sin dheth, bithear ag amas air tachartasan is fèisean ro-innleachdail a tha stèidhichte anns a’ chiad dol a-mach air tàladh luchd-tadhail o thaobh a-muigh na sgìre agus a’ leasachadh na tha tarraingeach do luchd-turais eadar-nàiseanta mu Earra-Ghàidheal is Bòid.

Thuirt an Comhairliche Aileen Morton, Ceannard Poileasaidh airson Leasachadh Seasmhach Eaconamach: “Tha tachartasan is fèisean nam pàirt mhòr de na tha tarraingeach do luchd-turais mu Earra-Ghàidheal is Bòid agus tha sinn uamhraidh moiteil gun urra dhuinn tron Mhaoin seo taic a thoirt do thachartasan. Bidh e farpaiseach mar as àbhaist agus bu mhath leam iarraidh air an luchd-iarrtais an stiùireadh a leughadh gu mionaideach agus cothrom na Fèinne a thoirt do na h-iarrtasan maoineachaidh aca.â€

Thathar a’ sùileachadh gum bi barrachd iarrtasan ann na bhios ann de mhaoineachadh anns a’ Mhaoin Thachartasan is Fhèisean ann an 2020-21, mar a thachair ann an 2019-20. Mar sin dheth, feumaidh luchd-iarrtais fianais shoilleir a chur an cèill a dh’innseas carson a tha an tachartas an eisimeil airgead poblach agus ciamar a bhios e na bhuannachd don sgìre.

Faodar iarrtasan don Mhaoin Thachartasan is Fhèisean a dhèanamh air-loidhne aig /events-and-festivals-grants far am faighear stiùireadh cuideachd.

FIOS DO LUCHD-DEASACHAIDH: Thèid a’ mhaoin a bheir taic do choimhearsnachdan agus tachartasan coimhearsnachd nas lugha fhoillseachadh nas fhaide den bhliadhna seo.

This press release is also available in English at: /news/2019/aug/events-and-festivals-fund-accepting-applications-2020-21

Did you find what you were looking for?

Why wasn't this information helpful

Limit to 250 characters.