51³Ô¹ÏÃâ·ÑApp

A’ Chomhairle a’ dearbhadh mar a bheir i taic do cho-ionannachd

Chaidh diofar phrìomhachasan a stèidheachadh a tha a’ dèiligeadh ris gach seòrsa leth-bhreith gus dìon a chur air a’ chòir a th’ aig a h-uile neach ann an Earra-Ghàidheal is Bòd gun tèid dèiligeadh riutha ann an dòigh chothromach.

Dh’aontaich Comataidh Phoileasaidhean is Ghoireasan Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ri seachd Builean Co-ionannachd an-diugh (14 Gearran) airson na h-ùine 2019-23, agus thathar a’ cur an cèill gu soilleir nach seas a’ Chomhairle ri leth-bhreith, sàrachadh no geur-leanmhainn a bhith a’ tachairt do neach sam bith ris a bheil a’ Chomhairle a’ dèiligeadh no leis a bheil iad ag obair – luchd-obrach no luchd-cleachdaidh nan seirbheisean.

B’ iad na Builean Co-ionannachd a chaidh aontachadh:

Luchd-obrach

  • Bheir sinn taic do ar luchd-obrach, a’ brosnachadh daoine de gach aois gu bhith a’ gabhail pàirt
  • Tha sinn a’ brosnachadh iomadachd air feadh bhuidhnean dreuchdail

Co-chonaltradh is Com-pàirt

  • Bidh sinn air piseach a thoirt air co-chonaltradh is com-pàirt le buidhnean a tha fo dhìon sònraichte

Seirbheisean

  • Bidh daoine a tha fo dhìon sònraichte a’ faireachdainn gu bheil iad a’ faighinn seirbheisean nas fheàrr
  • Gabhaidh sinn ealla ri beachdan dhaoine a tha fo dhìon sònraichte nuair a dh’atharraicheas sinn ar seirbheisean

Foghlam

  • Cha cheadaich sinn do bhurraidheachd no sàrachadh a bhith a’ tachairt do dhaoine a tha fo dhìon sònraichte
  • Thèid an t-eadar-dhealachadh eadar na h-ìrean coileanaidh ann am foghlam aig daoine a tha fo dhìon sònraichte agus daoine nach eil a lùghdachadh

Leis na Builean Co-ionannachd, thathar ag amas air cur às do leth-bhreith, sàrachadh agus geur-leanmhainn, agus co-ionannachd a chur air adhart eadar daoine aig a bheil feart a tha fo dhìon sònraichte agus daoine aig nach eil. ’S iad na feartan a tha fo dhìon sònraichte: aois, ciorram, ath-bhuileachadh gnè, pòsadh is companas catharra, leatromachd agus fòrladh màthaireil, cinneadh, creideamh no na tha neach a’ creidsinn, gnè, agus taobh gnèitheasach.

Chaidh na builean a dhealbh is ath-dhealbh às dèidh chòmhraidhean le Fòram Co-ionannachd an Luchd-obrach aig a’ Chomhairle agus co-chomhairleachadh poblach.

Thuirt an Comhairliche Rory Colville, Ceann-Poileasaidh airson Seirbheisean Corporra: “Feumaidh co-ionannachd is cothromachd a bhith an teis-meadhan gach nì a nì sinn mar ùghdarras ionadail, agus tha e cudromach gun do chuir sinn aonta ris na h-amasan is prionnsapalan seo feuch an urrainn dhuinn tomhas a dhèanamh air an adhartas a nì sinn le bhith a’ cur às do leth-bhreith. Tha na builean seo ga dhèanamh soilleir nach seas a’ Chomhairle ri leth-bhreith agus gun cùm sinn oirnn ag obair gu cruaidh airson dèanamh cinnteach gu bheil Earra-Ghàidheal is Bòd na àite sgoinneil airson a h-uile duine a bhith a’ fuireach is ag obair ann.â€

Cuideachd, chaidh aontachadh aig a’ Chomataidh ri dreachd ùr den Phoileasaidh airson Co-ionannachd is Iomadachd, a tha a’ dol an àite a’ phoileasaidh a chaidh aontachadh ann an 2012.

Chithear na Builean Co-ionannachd is am Poileasaidh airson Co-ionannachd is Iomadachd air làrach-lìn na Comhairle aig http://bit.ly/2DkpstW agus thèid an cur air beulaibh na làn Chomhairle a-nis airson aonta bhuapasan.

An English version of this press release is available here: /news/2019/feb/council-affirms-commitment-equality

Did you find what you were looking for?

Why wasn't this information helpful

Limit to 250 characters.