51³Ô¹ÏÃâ·ÑApp

Taic-airgid do na Fèisean airson 2019/20

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air aontachadh taic-airgid luach £20,000 a thoirt do dh’Fhèisean nan Gàidheal, a’ bhuidheann a tha a’ toirt taic do agus a’ cur chothroman ionnsachaidh air dòigh airson ceòl traidiseanta, seinn Ghàidhlig agus dràma Gàidhlig.

Leis an taic bhon Chomhairle, ’s urrainn do dh’Fhèisean nan Gàidheal maoineachadh a bharrachd a thoirt a-steach; mar thoradh air gach £1 de thaic a bheir a’ Chomhairle seachad, thèid £5.40 a chosg air seirbheisean Gàidhlig san sgìre.

Tha maoineachadh na Comhairle a’ tighinn bhon bhuidseat airson Leasachaidhean Coimhearsnachd (£15,500) agus bhon bhuidseat shònraichte aig na Seirbheisean Foghlaim airson Gàidhlig (£4,500) agus tha an taic-airgid airson na bliadhna 2019/20.

Am measg nan iomairtean a gheibh taic bhon airgead seo tha grunn Fhèisean, Cèilidh Earra-Ghàidheal air Chuairt agus Fèis Dràma Earra-Ghàidheal. 

Thuirt an Comhairliche Robin MacMhuirich, Ceann-Phoileasaidh airson Choimhearsnachdan, Taigheadais, nan Eileanan agus Gàidhlig: “Tha Fèisean nan Gàidheal glè mhath air cur ris an taic-airgid a gheibh iad bhon Chomhairle.

“Tha a’ Ghàidhlig air a bhith freumhaichte gu dlùth ann an eachdraidh is cultar Earra-Ghàidheal is Bhòid o chionn fhada, agus tha e fìor chudromach gun tèid an cànan a ghleidheadh agus gum bi daoine air am brosnachadh gu bhith ga cleachdadh. Chan e a-mhàin gu bheil an obair aig Fèisean nan Gàidheal a’ cur dìon air ar dualchas, ach cuideachd tha iad a’ toirt misneachd don òigridh agus gam brosnachadh a bhith moiteil às a’ chultar aca.

“Tha sin uile a’ toirt bhuannachdan thar ùine fhada do ar coimhearsnachdan, ar n-eaconamaidh agus do sgìre Earra-Ghàidheal is Bhòid.â€

 

To read this news release in English, visit: www.argyll-bute.gov.uk/news/gaelic/2019/jun/f%C3%A8isean-funding-secured-201920

Did you find what you were looking for?

Why wasn't this information helpful

Limit to 250 characters.