51ԹApp

Taic luach £500,000 gus gnothachasan beaga ann an Earra-Ghàidheal is Bòd a chuideachadh le bhith a’ fàs

Chaidh maoineachadh a bharrachd luach cha mhòr £500,000 a ghealltainn mar thaic do dh’iomairtean beaga is meadhanach mòr (IBMan) ann an Earra-Ghàidheal is Bòd gus am fàs iad aig ìre nas luaithe.

Le Ìre a Dhà den Phrògram airson Fàs nas Luaithe gu h-Ionadail (PFLI) aig an Fhosglan Ghnothachais, thèid prògram taice do ghnothachasan luach £483,000 a lìbhrigeadh le sgioba an Fhosglain Ghnothachais. Chaidh an taic sin aontachadh an t-seachdain seo (7 Màrt) le Comataidh Àrainneachd, Leasachaidh is Bun-structair na Comhairle.

Tha e a’ leantainn air Ìre a h-Aon den phrògram, a chrìochnaich san Dùbhlachd an-uiridh.

Tha am PFLI a’ toirt cothrom do ghnothachasan ionadail a tha a’ fàs air tabhartasan maoineachaidh is comhairle spèisealta a chuidicheas iad gus tuilleadh leudachaidh a dhèanamh air an obair aca. Tha e air a mhaoineachadh le Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Maoin Leasachaidh Roinnean na h-Eòrpa (ERDF).

Tha maoineachadh ERDF luach £338,100 mar phàirt de Ìre a Dhà, agus tha an còrr, £144,900, a’ tighinn bhon Chomhairle. Nuair a gheibhear aonta bhon làn Chomhairle, thèid an £144,900 a thoirt seachad bhon chòrr a tha ann am Maoin Iasaid Taobh Siar na h-Alba (MITSA), agus bidh sin a’ ciallachadh nach bi cosgaisean a bharrachd aig a’ Chomhairle fhèin.

Thuirt an Comhairliche Aileen Morton, Ceann-Phoileasaidh airson Leasachaidhean Eaconamach: “Thathar a’ faighinn a’ mhaoineachaidh seo aig àm nuair a tha e cho cudromach ’s a bha e riamh gun tig fàs air an eaconamaidh ionadail. ’S e sùim mhòr a th’ ann a dh’fhaodadh gnothachasan a th’ ann mu thràth a chuideachadh le bhith a’ fàs, a dh’fhaodadh cuideachadh le bhith a’ stèidheachadh ghnothachasan ùra agus a dh’fhaodadh obraichean ùra a chruthachadh.”

Chlàraich còrr is 100 IBM ann an Earra-Ghàidheal is Bòd leis a’ PhFLI aig Ìre a h-Aon, agus thathar an dùil gum bi a cheart uiread de dh’iarrtas ann leis an ath ìre.

Uile-gu-lèir, thug Fosglan Gnothachais Earra-Ghàidheal is Bhòid taic do 108 gnothachasan ùra a chaidh a chur air chois an-uiridh, agus thathar an dùil gun cruthaich iad 144 obraichean ùra agus gum bi toradh ionmhasail iomlan aca de cha mhòr £5.5 millean – agus gum bi na h-ìrean-riarachaidh am measg an luchd-cheannach aca aig 92%.

Iarrar air an làn Chomhairle aonta a chur ri Ìre a Dhà an ath mhìos, agus an uair sin tòisichidh am prògram a’gabhail ri iarrtasan ùra.

FIOSRACHADH DO LUCHD-DEASACHAIDH: ’S e Riaghaltas na h-Alba an t-Ùghdarras Stiùiridh airson Prògram Maoinean Structarail na h-Eòrpa airson 2014-20. Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhlaibh air ar duilleagan-lìn no leanaibh @scotgovESIF

This press release is also available in English here: /news/2019/mar/%C2%A3500000-boost-small-business-growth-argyll-and-bute

Did you find what you were looking for?

Why wasn't this information helpful

Limit to 250 characters.